Principal and vice-chancellor to leave UHI next year | Prionnsapal agus iar-sheansalair gu UHI fhàgail an ath-bhliadhna

The principal vice-chancellor of the University of the Highlands and Islands (UHI) will step down from his position and leave UHI early next year.

Professor Todd Walker joined UHI in 2021 but had to work remotely from Australia for the first few months due to COVID travel restrictions.

"This has been one of the hardest professional decisions I have had to make, but in the end has been prompted by family and personal reasons," said Professor Walker, principal and vice-chancellor.

"I sincerely appreciate having had the opportunity to lead UHI and have enjoyed immensely my time here in Scotland."

Chair of the UHI court Alastair MacColl commended Professor Walker for his leadership and stewardship over the past two years: "Professor Walker has successfully overseen a rebranding of UHI, led UHI through the COVID pandemic and seen outstanding results in research impact and student satisfaction.

"Professor Walker's expertise in tertiary education has been invaluable to UHI as it repositions the partnership over the past few years."

The UHI court will make an announcement shortly on the process to replace Professor Walker.

 

**

 

Leig prìomh leas-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) dheth a dhreuchd agus fàgaidh e UHI tràth an ath-bhliadhna.

Thàinig an t-Àrd-ollamh Todd Walker còmhla ri UHI ann an 2021 ach bha aige ri bhith ag obair air astar à Astràilia airson a' chiad beagan mhìosan air sgàth cuingealachaidhean siubhail COVID-19.

"Is e seo aon de na co-dhùnaidhean proifeasanta as cruaidhe a bha agam ri dhèanamh, ach aig a' cheann thall chaidh a bhrosnachadh le adhbharan teaghlaich is pearsanta, "thuirt an t-Ollamh Walker, prionnsapal agus iar-sheansalair.

"Tha mi a' cur luach mòr air a' chothrom a fhuair mi UHI a stiùireadh agus chòrd an ùine agam an seo an Alba gu mòr rium."

Mhol Cathraiche cùirt UHI, Alastair MacColla, an t-Ollamh Walker airson a cheannas agus a stiùbhardachd thairis air an dà bhliadhna a dh' fhalbh: "Tha an t-Oll. Walker air a bhith os cionn ath-bhranndadh UHI gu soirbheachail, air UHI a stiùireadh tro ghalar sgaoilte COVID agus air toraidhean air leth fhaicinn ann am buaidh rannsachaidh agus sàsachd oileanach.

"Tha eòlas an Ollaimh Walker ann am foghlam aig an treas ìre air a bhith air leth luachmhor do UHI agus e ag ath-shuidheachadh a' chom-pàirteachais thar nam beagan bhliadhnaichean a dh' fhalbh."

Nì a' chùirt UHI fios a dh'aithghearr air a' phròiseas gus an t-Àrd-ollamh Walker a chur an àite.