UHI rated highly in National Student Survey

UHI students have given their university experience the seal of approval in a UK-wide survey. UHI achieved its highest ever ranking for student satisfaction in the 2022 National Student Survey. The results place UHI fourth in Scotland for student satisfaction, above 14 other universities across Scotland.

see full size image
Music business students

Conducted annually by Ipsos MORI, the National Student Survey records the satisfaction of final year undergraduate students in all aspects of their experience.

UHI scored higher than the Scottish average in 22 of the 27 questions, with strong results in the teaching, learning opportunities, academic support, organisation and management and student voice categories. Four of UHI's courses - the applied music BA (Hons), business HND, marine science BSc (Hons) and music business BA (Hons) - received a 100% satisfaction rate and the results for the assessment and feedback category were 16% above the Scottish sectoral average.

Speaking about the results, Dr Iain Morrison, UHI's dean of student experience, said:

"These results from the largest annual survey of UK students provide objective evidence that our distinctive and inclusive model of delivery, using world-class technology and hard-working staff committed to our students' education and wellbeing, is serving our students well. Our staff continue to deliver top-quality learning and teaching and excellent pastoral care to support the needs of our students.

"Along with our recent excellent Research Excellence Framework results, being so highly placed above many other wonderful Scottish universities in the National Student Survey is further confirmation that UHI really is a great place to study."

Heather Innes, President of the Highlands and Islands Students' Association, welcomed the results, saying:

"We're happy to see the results of the National Student Survey and excited about how the data will influence UHI's continued commitment to innovative education and experience. We'll be working in partnership with the university to ensure the best future for our students."

The results of the 2022 National Student Survey can be viewed at www.officeforstudents.org.uk/advice-and-guidance/student-information-and-data/national-student-survey-nss

 

Bha inbhe àrd aig UHI ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach

Tha oileanaich UHI air seula aonta a chur air an eòlas oilthigh aca ann an suirbhidh air feadh na RA. Choilean UHI an ìre as àirde a-riamh airson sàsachadh oileanach ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2022. Tha na toraidhean a' cur UHI sa cheathramh àite ann an Alba airson sàsachadh oileanach, os cionn 14 oilthighean eile air feadh na h-Alba.

Air a choileanadh gach bliadhna le Ipsos MORI, tha Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach a' clàradh sàsachd oileanaich fho-cheumnach sa bhliadhna mu dheireadh anns gach taobh den eòlas aca.

Fhuair UHI sgòr nas àirde na cuibheasachd na h-Alba ann an 22 de na 27 ceistean, le toraidhean làidir anns na roinnean teagaisg, cothroman ionnsachaidh, taic acadaimigeach, eagrachadh is stiùireadh agus guth nan oileanach. Fhuair ceithir de chùrsaichean UHI ìre riarachaidh de 100% - am BA ann an ceòl gnìomhaichte (le Urram), HND ann an gnìomhachas, BSc (le Urram) saidheans mara agus gnìomhachas ciùil BA (le Urram) - agus bha toraidhean na roinne measaidh agus fios air ais 16% os cionn cuibheasachd roinneil na h-Alba.

A' bruidhinn air na co-dhùnaidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, deadhan eòlas oileanach aig UHI:

"Tha na toraidhean seo bhon t-suirbhidh bhliadhnail as motha air oileanaich na RA a' toirt fianais reusanta gu bheil ar modal lìbhrigidh sònraichte agus in-ghabhalach, a' cleachdadh teicneòlas aig ìre cruinne agus luchd-obrach dìcheallach. dealasach a thaobh foghlam agus sunnd ar n-oileanaich, a' frithealadh ar n-oileanaich gu math. Tha an luchd-obrach againn a' leantainn air adhart a' lìbhrigeadh ionnsachadh agus teagasg den chàileachd as àirde agus cùram aoghaireil sàr-mhath, gus taic a thoirt do fheumalachdan ar n-oileanaich.

"Còmhla ri ar sàr thoraidhean ar Fhrèam Sàr-mhathais Rannsachaidh o chionn ghoirid, tha a bhith ann an suidheachadh cho àrd os cionn mòran oilthighean iongantach eile ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach na dhearbhadh eile gur e àite fìor mhath a th' ann an UHI airson ionnsachadh."

Chuir Heather Innes, Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, fàilte air na co-dhùnaidhean, ag ràdh:

"Tha sinn toilichte toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach fhaicinn agus air bhioran mun bhuaidh a bheir an dàta air dealas leantainneach UHI a thaobh foghlam agus eòlas ùr-ghnàthach. Bidh sinn ag obair ann an com-pàirteachas leis an oilthigh gus dèanamh cinnteach gum bi an t-àm ri teachd as fheàrr dha na h-oileanaich againn."

Chithear toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2022 aig

www.officeforstudents.org.uk/advice-and-guidance/student-information-and-data/national-student-survey-nss